Free Church of Scotland
 
Free Church of Scotland home
About the Free Church of Scotland
News & Events
Our Churches
Donate Online
Free Church Bookshop
Free Church College
Free Church College
Youth
Missions
Committees
Free Church magazines
Book of the Month
Todays Issues
The Forum
Resource Library
Links
Contact
   
 

Altachadh Mo Sheanar

'S tric a bhios mi cuimhneachadh

Air altachadh mo sheanar.

Ged a bha i sìnte

Bha brìgh innt' a bha snasmhor.

Ged nach robh mòran air a'bhòrd aca

De mheasan a bha spaideil

Dìreach goireasan na talmhainn

No maorach bhàn a'chladaich.

Ach mum blaiseadh iad air mìr dheth,

Dheigheadh gach ceann a chromadh,

'S buidheachas thoirt Dhàsan

A dhòirt a-nuas gach beannachd.

Le uilinn air a'bhòrd,

'S e slìobadh sìos a bhathais,

No làmhan air a ghlùinean

Air ais is air adhairt gan tarraing.

'S le guth bha brònach brùiteach

Le ùmhlachd agus urram

Ag aslachadh san ùrnaigh,

An stiùireadh air an turas.

A'guidhe slàint' do mhìltean,

A'cuairteachadh an domhainn,

Gliocas thoirt do dhaoine,

Agus a bhith an còmhnaidh romhainn.

Sìth bhith anns an t-saoghal,

Gach nì a rèir a thoile,

Bhith leinn a'laighe 's ag èirigh,

'S ar treòrachadh gu sonas.

Ach ged bha am bòrd ud ìosal,

Gun chuibhrig no gun anairt,

'S ged bha sgealb à truinnsear,

No chluas far muga bhainne,

Ged bha bochdainn air gach taobh dhiubh

'S ged bha na h-annlan goirid

Bha beartas ac' nan inntinn,

Agus saoibhreas ac' nan spiorad.

Gu tric lean 's mi nam aonar,

Agus dualtach a bhith gearain,

Gheibh me neart is sùgradh

Bho altachadh mo sheanar.